Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Peadar 3:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a bheachdaicheas iad air ur caitheamh-beatha geamnaidh maille ri eagal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, thugadh gach aon agaibhse fa leth gràdh da mhnaoi, amhail mar dha fhèin; agus feuchadh a’ bhean gun toir i urram da fear.

A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, le eagal agus crith, ann an treibhdhireas ur cridhe, mar do Chrìosd:

A‑mhàin caithibh ur beatha gu cubhaidh do shoisgeul Chrìosd: a‑chum cia aca a thig mi agus a chì mi sibh, no a bhios mi as làthair, gun cluinn mi mur timcheall, gu bheil sibh a’ seasamh gu daingeann ann an aon spiorad, le aon inntinn, a’ gleac le chèile airson creideamh an t‑soisgeil;

Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd;

A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, anns na h‑uile nithean; chan ann le seirbhis-sùl, mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach ann an treibhdhireas cridhe, ann an eagal Dhè:

Na dèanadh duine sam bith tarcais air d’òige; ach bi thusa ad eisempleir do na creidmhich, ann am facal, ann an caitheamh-beatha, ann an gràdh, ann an spiorad, ann an creideamh, ann am fìorghlaine.

Ach a rèir mar a tha esan a ghairm sibh naomh, bithibh-se naomh mar an ceudna nur n‑uile chaitheamh-beatha:

Air dhuibh deagh chaitheamh-beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.

Mar an ceudna, a mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, a‑chum ma tha dream air bith eas-umhail don fhacal, gum bi iadsan mar an ceudna, as eugmhais an fhacail, air an cosnadh le deagh chaitheamh-beatha nam ban;

Na b’i ur brèaghachd fighe an fhuilt agus a’ cur òir oirbh, agus dheagh thrusgan umaibh, a’ bhrèaghachd sin on leth a‑muigh:

Uime sin do bhrìgh gum bi na nithean seo uile air an sgaoileadh as a chèile, ciod a’ ghnè dhaoine a bu chòir a bhith annaibh, ann an caitheamh-beatha naomh, agus diadhachd,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan