Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Peadar 3:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ge bè lem b’àill beatha a ghràdhachadh, agus làithean matha fhaicinn, cumadh e a theanga o olc, agus a bhilean o labhairt ceilg;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, Craiceann airson craicinn, eadhon gach nì a tha aig duine bheir e airson a anama.

Saoraidh e a anam o dhol sìos don t‑sloc, agus chì a bheatha solas.

Bha mo làithean na bu luaithe na gille-ruith: theich iad air falbh, chan fhaca iad math.

A‑chum gum faic sinn math do dhaoine taghte, a‑chum gun dèan sinn aoibhneas ann an aoibhneas do chinnich, a‑chum gun dèan sinn uaill led oighreachd-sa.

Gidheadh chreid mise gum faicinn maitheas an Tighearna ann an tìr nam beò.

Thèid e gu àl a shinnsear; gu bràth chan fhaic iadsan solas.

Is craobh beatha i dhaibhsan a nì greim oirre, agus is sona iadsan a ghleidheas i.

Oir làithean buan, agus saoghal fada, agus sìth bheir iad dhut.

Oir is beatha iad dhaibhsan a gheibh iad, agus ìocshlaint dam feòil uile.

Oir esan a gheibh mise, gheibh e beatha, agus gheibh e deagh-ghean on Tighearna.

Dh’iarr mi ann am chridhe mi fhèin a thabhairt do fhìon (gidheadh a’ seòladh mo chridhe ann an gliocas), agus greim a ghabhail air amaideachd, gus am faicinn ciod e am math sin do chloinn nan daoine, a bu chòir dhaibh a dhèanamh fo nèamh air feadh uile làithean am beatha.

Agus thubhairt esan ris, Carson a ghoireadh tu math dhìomsa? Chan eil aon neach math ach a h‑aon, eadhon Dia: ach mas àill leat dol a‑steach a‑chum na beatha, coimhead na h‑àitheantan.

Oir ge bè neach leis an àill a anam fhèin a choimhead, caillidh e e; ach ge bè neach a chailleas a anam air mo shon-sa, agus airson an t‑soisgeil, coimheadaidh esan e.

Chunnaic Iosa Natànael a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e uime, Feuch Israeleach da‑rìribh, anns nach eil cealg!

Esan a ghràdhaicheas a anam; caillidh e e; agus esan a dh’fhuathaicheas a anam anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e e a‑chum na beatha maireannaich.

Oir cha nì dìomhain e dhuibh, a chionn gur e ur beatha e; agus leis an nì seo buanaichidh sibh ur làithean anns an fhearann a tha sibh a’ dol a‑null thar Iòrdan ga shealbhachadh.

Ma shaoileas neach air bith nur measg gu bheil e diadhaidh, gun a bhith a’ cur srèin ra theangaidh, ach a’ mealladh a chridhe fhèin, is dìomhain diadhachd an duine seo.

Uime sin a’ cur uaibh gach uile mhìoruin, agus gach uile mhealltaireachd, agus chealg, agus fharmad, agus gach uile ana-cainnt,

Neach nach do rinn peacadh, cha mhò a fhuaireadh cealg na bheul:

Agus nam beul cha d’fhuaireadh cealg; oir tha iad gun lochd an làthair rìgh-chathair Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan