Uime sin tha seo mar an ceudna air a chur sìos anns an sgriobtar, Feuch, cuiridh mi ann an Sion prìomh chlach-oisne thaghte, luachmhor: agus an tì a chreideas ann, cha chuirear gu nàire e.
Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile a tha ag iarraidh m’anama ga sgrios; ruaigear air an ais agus nàraichear iadsan a tha a’ guidhe uilc dhomh.
An sin labhair thu ann an taisbeanadh rid Aon naomh, agus thubhairt thu. Chuir mise cuideachadh air aon a tha cumhachdach; dh’àrdaich mi aon taghte as an t‑sluagh.
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch suidhichidh mise mar stèidh ann an Sion clach, clach dhearbhte, clach-chinn na h‑oisinn; sàr bhunait; esan a chreideas, cha chuirear gu amhluadh e.
Oir is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear-cuideachaidh, air an adhbhar sin cha chuirear mi gu amhluadh; uime sin shuidhich mi mo ghnùis mar chloich-theine, agus tha fhios agam nach nàraichear mi.
Na gabh eagal, oir cha mhaslaichear thu; na gabh nàire, oir cha chuirear thu gu amhluadh; oir dìochuimhnichidh tu nàire d’òige, agus masladh do bhantrachais cha chuimhnich thu nas mò.
Ach nochdaidh mi dhut an nì sin a tha comharraichte ann an sgriobtar na fìrinn: agus chan eil aon a chuireas leamsa anns na nithean seo ach Mìchael ur prionnsa-se.
Feuch, mo sheirbhiseach a thagh mi; m’aon gràdhach anns a bheil tlachd aig m’anam: cuiridh mi mo Spiorad air, agus nochdaidh e breitheanas do na Cinnich.
Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè.
Fheara agus a bhràithrean, b’èiginn an sgriobtar seo a bhith air a choileanadh, a ro‑labhair an Spiorad Naomh le beul Dhaibhidh timcheall Iùdais, a bha na cheann-iùil acasan a ghlac Iosa.
Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd:
Agus clach-thuislidh, agus carraig-oilbheim dhaibhsan a thuislicheas air an fhacal, air dhaibh a bhith eas-umhail, a‑chum mar an ceudna an d’òrdaicheadh iad.
Eadhon mar na litrichean uile, a’ labhairt annta mu na nithean seo; anns a bheil cuid de nithean do‑thuigsinn, a tha an dream a tha neo-fhòghlaimte, agus neo-sheasmhach, a’ fiaradh, mar na sgriobtairean eile, a‑chum an sgrios fhèin.