Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Peadar 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mas e is gun do bhlais sibh gu bheil an Tighearna gràsmhor:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Cò e seo Rìgh na glòire? An Tighearna làidir agus treun, an Tighearna treun ann an cath.

O blaisibh agus faicibh gur math an Tighearna; is beannaichte an duine sin a dh’earbas as.

Mar le smior agus le saill sàsaichear m’anam, agus le bilean aoibhneach molaidh mo bheul thu;

Agus cuiridh iadsan don aithne d’ainm an dòigh annad, oir cha trèig thusa, a Thighearna, iadsan a dh’iarras thu.

Mar chrann-ubhall am measg croinn na coille, is amhail mo rùn-sa am measg nan òganach; fo a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas.

Oir cia mòr an soirbheachadh, agus cia mòr am maise! Nì an t‑arbhar na h‑òganaich, agus am fìon-nuadh na h‑òighean, subhach.

Ach nuair a dh’fhoillsicheadh coibhneas agus gràdh Dhè ar Slànaighear do dhaoine,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan