Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.
Ach a‑nis air dhuibh a bhith saor on pheacadh, agus nur seirbhisich do Dhia, tha ur toradh agaibh a‑chum naomhachd, agus a’ chrìoch a’ bheatha mhaireannach.
Oir an tì a ghairmeadh anns an Tighearna na sheirbhiseach, is duine saor an Tighearna e: mar an ceudna an tì a ghairmeadh agus e saor, is e seirbhiseach Chrìosd e.
Ach ge bè a bheachdaicheas gu dùrachdach air lagh coileanta na saorsa, agus a bhuanaicheas ann, gun e a bhith na fhear-èisdeachd dearmadach, ach na fhear-dèanamh na h‑obrach, bidh an duine seo beannaichte na dhèanadas.
A’ gealltainn saorsa dhaibh, agus gun annta fhèin ach tràillean na truaillidheachd: oir ge bè nì lem buadhaichear air duine, don nì sin fhèin tha e air a chur fo dhaorsa.
Oir ghoid daoine àraidh a‑steach, a dh’òrdaicheadh roimhe o shean a‑chum an dìtidh seo, daoine mì‑dhiadhaidh, a’ tionndadh gràs ar Dè‑ne gu macnas, agus ag àicheadh Dhè, as aon Uachdaran ann, agus ar Tighearna Iosa Crìosd.