Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Peadar 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nì anns a bheil sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachas, ged tha sibh a‑nis rè ùine bhig (mas feumail e) fo thùirse tre iomadh buaireadh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

47 Iomraidhean Croise  

Tha m’anam a’ leaghadh as le tùrsa; neartaich mi a rèir d’fhacail.

Tha fhios agam, a Thighearna, gu bheil do bhreitheanais ceart, agus gur ann am fìrinn a chlaoidh thu mi.

Is lìonmhor àmhgharan an fhìrein, ach asda air fad saoraidh an Tighearna e.

Their mo chnàmhan uile, A Thighearna, cò as cosmhail riutsa, a theasairgeas am bochd uaithesan as treasa na e, agus am bochd agus an t‑ainnis uaithesan a chreachadh e.

Bhris masladh mo chridhe agus tha mi iarganach, agus dh’amhairc mi airson neach a ghabhadh truas, ach cha robh e ann; agus airson luchd-comhfhurtachd, ach cha d’fhuair mi iad.

A‑chum gum foillsich mi do chliù uile ann an geatachan nighean Shioin: nì mi gàirdeachas ann ad shlàinte.

O thigibh, seinneamaid don Tighearna; togamaid iolach do charraig ar slàinte.

Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan.

A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.

Agus thug e Peadar leis, agus dithis mhac Shebede, agus thòisich e air a bhith brònach, agus ro‑dhoilgheasach.

Dèanaibh gàirdeachas, agus bithibh ro‑shubhach; oir is mòr ur duais air nèamh: oir mar sin rinn iad geur-leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.

Agus tha mo spiorad a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia mo Shlànaighear:

Gidheadh na dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil na spioradan fo ur smachd; ach dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte anns na nèamhan.

Agus thubhairt an t‑aingeal riu, Na biodh eagal oirbh: oir feuch, tha mi ag innse dhuibh deagh sgeul mòr-aoibhneis, a bhios don uile shluagh:

Agus tha a‑nis uime sin doilgheas oirbhse: ach chì mise a‑rìs sibh, agus nì ur cridhe gàirdeachas, agus ur gàirdeachas cha bhuin neach air bith uaibh.

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

A’ neartachadh anaman nan deisciobal, agus ag earalachadh orra buanachadh anns a’ chreideamh, agus a’ teagasg gur ann tre iomadh àmhghar as èiginn dhuinn dol a‑steach do rìoghachd Dhè.

A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:

Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite.

Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè.

Gu bheil doilgheas mòr orm, agus cràdh air mo chridhe an còmhnaidh.

Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach;

Mar dhream a tha brònach, gidheadh a‑ghnàth a’ dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a tha a’ dèanamh mòran saoibhir; mar dhaoine aig nach eil nì sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithean.

Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh,

Oir bha dèidh mhòr aige oirbh uile, agus bha e làn tùirse, do bhrìgh gun cuala sibh gu robh e tinn.

Oir is sinne an timcheall-ghearradh, a tha a’ dèanamh adhraidh do Dhia anns an Spiorad, agus a’ dèanamh gàirdeachais ann an Iosa Crìosd, agus nach eil a’ cur muinghinn anns an fheòil:

Dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna a‑ghnàth: a‑rìs tha mi ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas.

Agus rinneadh sibh nur luchd-leanmhainn oirnne, agus air an Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann am mòr-àmhghar, le aoibhneas an Spioraid Naoimh:

Mo bhràithrean, measaibh mar an uile ghàirdeachas nuair a thuiteas sibh ann an iomadh gnè dheuchainnean;

Dèanadh am bràthair a tha ìosal gàirdeachas na àrdachadh:

Bithibh ann an àmhghar, agus dèanaibh caoidh, agus gul: biodh ur gàire air a thionndadh gu bròn, agus ur n‑aoibhneas gu tùirse.

Oir is fheàrr, mas e sin toil Dhè, sibh a dh’fhulang airson math a dhèanamh, na airson olc a dhèanamh.

Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

Agus rinn Hanah ùrnaigh, agus thubhairt i, Tha mo chridhe a’ dèanamh gàirdeachais anns an Tighearna; dh’àrdaicheadh m’adharc anns an Tighearna; rinneadh mo bheul farsaing os cionn mo naimhdean, do bhrìgh gu bheil mi aoibhneach ann ad shlàinte-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan