Slàinte mun d’fhiosraich na fàidhean, agus mun do rinn iad geur-rannsachadh, muinntir a rinn fàidheadaireachd mun ghràs a bha gu teachd dur n‑ionnsaigh-se;
Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.
Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Feuch an duine don ainm am Meangan; agus fàsaidh e a‑nìos as àite, agus togaidh e teampall an Tighearna.
Oir tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gum b’iomadh fàidh agus fìrean leis am bu mhiann na nithean seo fhaicinn, a tha sibhse a’ faicinn, agus nach faca iad: agus na nithean seo a chluinntinn, a tha sibhse a’ cluinntinn, agus nach cuala iad.
Gu deimhinn tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar tha e sgrìobhte ma thimcheall: ach is an‑aoibhinn don duine sin lem brathar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e.
Oir tha mi ag ràdh ribh gum b’iomadh fàidh agus rìgh, lem bu mhiann na nithean fhaicinn a tha sibhse a’ faicinn, agus nach faca iad; agus na nithean a chluinntinn, a tha sibhse a’ cluinntinn, agus nach cuala iad.
Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall-sa, a bhith air an coileanadh.
Rannsaichibh na sgriobtairean, oir tha sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh annta; agus is iad sin a tha a’ toirt fianais mum thimcheall-sa.
Bha iad sin na b’uaisle na muinntir Thesalonìca, oir ghabh iad am facal dan ionnsaigh leis an uile thogradh, a’ rannsachadh nan sgriobtar gach aon là, a dh’fheuchainn an robh na nithean sin mar sin.
Agus air suidheachadh là ris, thàinig mòran da ionnsaigh gu a àite-còmhnaidh; don do mhìnich e rìoghachd Dhè, a’ dèanamh fianais uimpe, agus a’ cur impidh orra a‑thaobh nan nithean a bhuineas do Iosa, araon à lagh Mhaois, agus as na fàidhean, o mhoch-thràth gu feasgar.
Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur-leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd-brathaidh, agus nur mortairean:
Fhuair iad seo uile bàs ann an creideamh, gun na geallaidhean fhaotainn, ach air dhaibh am faicinn fad o làimh (agus an làn-chreidsinn), ghabh iad riu, agus dh’aidich iad gum bu choigrich agus luchd-cuairt air an talamh iad fhèin.
A’ rannsachadh ciod i, no ciod a’ ghnè aimsir a bha Spiorad Chrìosd anntasan a’ foillseachadh, nuair a rinn e fianais ro‑làimh air fulangasan Chrìosd, agus a’ ghlòir a bha gu an leantainn.
Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;