Air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thilg neul soillseach sgàil orra: agus, feuch, guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd: èisdibh ris.
Ach ma nì, ged nach creid sibh mise, creidibh na h‑obraichean, a‑chum gum bi fhios agaibh, agus gun creid sibh gu bheil an t‑Athair annamsa, agus mise annsan.
Rannsaichibh na sgriobtairean, oir tha sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh annta; agus is iad sin a tha a’ toirt fianais mum thimcheall-sa.
Do bhrìgh gun do shuidhich e là anns an toir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, tre an duine sin a dh’òrdaich e; agus air seo thug e dearbhadh do na h‑uile dhaoine, le esan a thogail suas o na mairbh.
Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin?
A‑chum tre dhà nì neo-chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:
An tì a chreideas ann am Mac Dhè, tha an fhianais aige ann fhèin: an tì nach creid Dia, rinn e breugaire dheth, do bhrìgh nach do chreid e an fhianais a rinn Dia mu thimcheall a Mhic.