Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 5:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha triùir a tha a’ dèanamh fianais air an talamh, an Spiorad, agus an t‑uisge, agus an fhuil: agus thig an triùir seo ri chèile ann an aon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Uime sin imichibh-se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh;

Oir rinn mòran dhaoine fianais bhrèige na aghaidh, ach cha do chòrd am fianais ri chèile.

Ach nuair a thig an Comhfhurtair, a chuireas mise dur n‑ionnsaigh on Athair, Spiorad na fìrinn, a tha a’ teachd a‑mach on Athair, nì esan fianais mum thimcheall-sa.

Ach lot fear de na saighdearan a thaobh le sleagh, agus air ball thàinig a‑mach fuil agus uisge.

Agus dha seo tha briathran nam fàidhean a’ co‑fhreagairt; a rèir mar a tha e sgrìobhte:

Tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh fianais maille ri ar spiorad-ne gur sinn clann Dhè:

Neach mar an ceudna a chuir seula oirnn, agus a thug dhuinn geall-daingnich an Spioraid nar cridheachan.

Uime sin a‑chum gun dèanadh Iosa an sluagh a naomhachadh le a fhuil fhèin, dh’fhuiling e mar an ceudna an taobh a‑muigh den gheata.

Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd-compàirt den Spiorad Naomh,

Tha am baisteadh, mar shamhlachas a tha a’ co‑fhreagradh dha seo (chan e cur dhinn sal na feòla, ach freagradh deagh chogais a‑thaobh Dhè), a‑nis gar tèarnadh-ne, tre aiseirigh Iosa Crìosd:

Ma ghabhas sinn ri fianais dhaoine, is i fianais Dhè as mò: oir is i seo fianais Dhè, a thug e mu thimcheall a Mhic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan