Agus thubhairt Philip, Ma tha thu a’ creidsinn led uile chridhe, faodaidh tu. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha mi a’ creidsinn gur e Iosa Crìosd Mac Dhè.
Ge bè neach a chreideas gur e Iosa an Crìosd, ghineadh o Dhia e; agus ge bè a ghràdhaicheas an tì a ghin, gràdhaichidh e mar an ceudna an tì a ghineadh leis.
Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.