Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 5:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir gach uile nì a ghinear o Dhia, bheir e buaidh air an t‑saoghal: agus is i seo a’ bhuaidh a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, eadhon ar creideamh-ne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

A bha air an gineamhain, chan ann o fhuil, no o thoil na feòla, no o thoil duine, ach o Dhia.

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura beirear duine a‑rìs, nach urrainn e rìoghachd Dhè fhaicinn.

Ach buidheachas do Dhia, a tha a’ toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Crìosd.

Ma tha fhios agaibh gu bheil esan fìreanta, tha fhios agaibh gu bheil gach neach a nì fìreantachd air a bhreith uaithesan.

Ge bè neach a ghineadh o Dhia cha dèan e peacadh: oir tha a shìol-san a’ fantainn ann; agus chan eil e an comas dha peacadh a dhèanamh, do bhrìgh gun do ghineadh o Dhia e.

A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.

Ge bè neach a chreideas gur e Iosa an Crìosd, ghineadh o Dhia e; agus ge bè a ghràdhaicheas an tì a ghin, gràdhaichidh e mar an ceudna an tì a ghineadh leis.

Tha fhios againn ge bè neach a ghineadh le Dia nach peacaich e; ach an tì a ghineadh o Dhia, coimheadaidh e e fhèin, agus cha bhean an droch aon ris.

Cò an tì a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, ach esan a tha a’ creidsinn gur e Iosa Mac Dhè?

Agus thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhacal am fianais-san; agus cha do ghràdhaich iad an anaman fhèin gu bàs.

Agus chunnaic mi mar gum b’fhairge ghloine, air a measgadh le teine; agus iadsan a thug buaidh air an fhiadh-bheathach, agus air a ìomhaigh, agus air a chomharradh, agus air àireamh a ainme, nan seasamh air an fhairge ghloine, agus clàrsaichean Dhè aca.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: An tì a bheir buaidh, cha chiùrrar leis an dara bàs e.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.

Agus an tì a bhuadhaicheas, agus a ghleidheas m’obraichean gus a’ chrìoch, dhàsan bheir mi cumhachd os cionn nan Cinneach:

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.

An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.

Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.

An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm-san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan