O seo is aithne dhuinn gu bheil gràdh againn do chloinn Dhè, nuair a ghràdhaicheas sinn Dia, agus a choimheadas sinn a àitheantan.
Tha mi ag àithneadh nan nithean seo dhuibh, a‑chum gun gràdhaich sibh a chèile.
Agus le seo tha fhios againn gur aithne dhuinne e, ma choimheadas sinn a àitheantan.
Ach ge bè a choimheadas a fhacal, annsan gu deimhinn tha gràdh Dhè air a choileanadh: le seo is aithne dhuinn gu bheil sinn annsan.
Tha fhios againn gun deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha, do bhrìgh gu bheil gràdh againn do na bràithrean: an tì nach gràdhaich a bhràthair, fanaidh e ann am bàs.
Agus an àithne seo tha againn uaithesan, An tì a ghràdhaicheas Dia, gun gràdhaich e a bhràthair mar an ceudna.