Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 5:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tì aig a bheil am Mac tha beatha aige: an tì aig nach eil Mac Dhè chan eil beatha aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ge bè a chreideas agus a bhaistear, saorar e, ach ge bè nach creid, dìtear e.

Ach a mheud is a ghabh ris, thug e dhaibh cumhachd a bhith nan cloinn do Dhia, eadhon dhaibhsan a tha a’ creidsinn na ainm:

A‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha mhaireannach aige.

An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an tì nach eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè a’ gabhail còmhnaidh air.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.

Ach uaithesan tha sibhse ann an Iosa Crìosd, neach a rinneadh dhuinne le Dia na ghliocas, na fhìreantachd, na naomhachadh, agus na shaorsa:

Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.

Oir rinneadh sinn nar luchd-compàirt de Chrìosd, ma chumas sinn toiseach ar muinghinn gu daingeann gus a’ chrìoch;

Ge bè neach a bhriseas an lagh, agus nach fan ann an teagasg Chrìosd, chan eil Dia aige: an tì a dh’fhanas ann an teagasg Chrìosd, tha araon an t‑Athair agus am Mac aige.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan