Agus tha fhios agam gur beatha mhaireannach a àithne-san: air an adhbhar sin na nithean a tha mi a’ labhairt, mar a thubhairt an t‑Athair rium, mar sin tha mi a’ labhairt.
Agus thug an tì a chunnaic sin fianais, agus tha a fhianais fìrinneach: agus tha fhios aige gu bheil e a’ labhairt na fìrinn, a‑chum gun creideadh sibhse.
An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an tì nach eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè a’ gabhail còmhnaidh air.
Agus an tì a bhuaineas tha e a’ faotainn tuarasdail, agus a’ cruinneachadh toraidh a‑chum na beatha maireannaich; a‑chum gun dèan an tì a chuireas, agus an tì a bhuaineas, gàirdeachas le chèile.
Agus is i seo toil an tì a chuir uaithe mi, gum biodh a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a chì am Mac, agus a chreideas ann: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.
A‑chum is mar a rìoghaich am peacadh a‑chum bàis, mar sin gun rìoghaicheadh gràs tre fhìreantachd a‑chum na beatha maireannaich tre Iosa Crìosd an Tighearna.
Gidheadh, air a shon seo fhuair mi tròcair, a‑chum gum foillsicheadh Crìosd annamsa air tùs an uile fhad-fhulangas, mar eisempleir dhaibhsan a chreideadh ann, an dèidh seo, a‑chum na beatha maireannaich.
Ann an seo tha gràdh, chan e gun do ghràdhaich sinne Dia, ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gun do chuir e a Mhac fhèin gu bhith na ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean.
An tì a chreideas ann am Mac Dhè, tha an fhianais aige ann fhèin: an tì nach creid Dia, rinn e breugaire dheth, do bhrìgh nach do chreid e an fhianais a rinn Dia mu thimcheall a Mhic.
Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.
Tha deagh theisteas air Demetrius o na h‑uile, agus on fhìrinn fhèin: agus tha sinne mar an ceudna a’ dèanamh fianais; agus tha fhios agaibh gu bheil ar fianais-ne fìor.