Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 4:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha iadsan on t‑saoghal: uime sin tha iad a’ labhairt mun t‑saoghal, agus tha an saoghal ag èisdeachd riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

A‑thaobh gnìomharan dhaoine, le facal do bhilean sheachain mi ceuman a’ mhillteir.

Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Na meallar sibh leis na fàidhean a tha nur measg, agus le ur luchd-fiosachd; cha mhò a dh’èisdeas sibh ri ur bruadair a tha sibh a’ toirt fa‑near a bhruadar.

Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?

Ma nì duine sam bith, ag imeachd ann an spiorad brèige, agus ceilg, fàistneachd dhut airson fìona agus airson dibhe làidir, bidh eadhon esan na fhàidh don t‑sluagh seo.

Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais.

Thug mi d’fhacal dhaibh; agus thug an saoghal fuath dhaibh, airson nach ann den t‑saoghal iad, mar nach eil mise den t‑saoghal.

Chan eil iadsan den t‑saoghal, mar nach eil mise den t‑saoghal.

An tì a thig a‑nuas tha e os cionn nan uile: an tì a tha on talamh, tha e talmhaidh, agus labhraidh e air mhodh talmhaidh: an tì a thig o nèamh, tha e os cionn nan uile.

Agus thubhairt e riu, Tha sibhse o shìos, tha mise o shuas: tha sibhse den t‑saoghal seo, chan eil mise den t‑saoghal seo.

Oir thig an t‑àm anns nach bi fulang aca air teagasg fallain: ach air do chluasan tachasach a bhith aca, càrnaidh iad suas dhaibh fhèin luchd-teagaisg a rèir an ana-miann;

Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan