Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 4:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gach uile spiorad nach aidich gu bheil Iosa Crìosd air teachd anns an fheòil, chan ann o Dhia a tha e: agus is e seo spiorad an ana-crìosd, neach a chuala sibh e a bhith a’ teachd, agus a‑nis tha e cheana anns an t‑saoghal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus meallaidh iad mòran.

A chlann bheag, is i an aimsir dheireannach a tha ann: agus mar a chuala sibh gun tig an t‑ana-crìosd, is ann mar sin a tha a‑nis iomadh ana-crìosd ann; om bheil sinn a’ tuigsinn gur i an aimsir dheireannach a tha ann.

Cò tha na bhreugaire, ach esan a dh’àicheas gur e Iosa an Crìosd? Is e seo an t‑ana-crìosd, a tha ag àicheadh an Athar agus a’ Mhic.

Oir tha mòran mhealltairean air teachd a‑steach don t‑saoghal, nach eil ag aideachadh gu bheil Crìosd air teachd anns an fheòil. Is mealltair seo agus ana-crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan