Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 4:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Le seo aithnichibh Spiorad Dhè: gach uile spiorad a dh’aidicheas gun tàinig Iosa Crìosd anns an fheòil, is ann o Dhia a tha e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.

Uime sin tha mi a’ toirt fios dhuibh, nach abair duine sam bith a tha a’ labhairt o Spiorad Dhè gu bheil Iosa mallaichte; agus nach urrainn duine sam bith a ràdh gur e Iosa an Tighearna, ach tre an Spiorad Naomh.

Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.

(Oir dh’fhoillsicheadh a’ bheatha, agus chunnaic sinne i, agus tha sinn a’ dèanamh fianais, agus a’ cur an cèill dhuibhse na beatha maireannaich ud a bha maille ris an Athair, agus a dh’fhoillsicheadh dhuinne;)

Ge bè neach a dh’àicheas am Mac, chan eil an t‑Athair aige: (ach an tì a dh’aidicheas am Mac, tha an t‑Athair aige mar an ceudna).

Ge bè neach a dh’aidicheas gur e Iosa Mac Dhè, tha Dia na chòmhnaidh annsan, agus esan ann an Dia.

Agus gach uile spiorad nach aidich gu bheil Iosa Crìosd air teachd anns an fheòil, chan ann o Dhia a tha e: agus is e seo spiorad an ana-crìosd, neach a chuala sibh e a bhith a’ teachd, agus a‑nis tha e cheana anns an t‑saoghal.

Ge bè neach a chreideas gur e Iosa an Crìosd, ghineadh o Dhia e; agus ge bè a ghràdhaicheas an tì a ghin, gràdhaichidh e mar an ceudna an tì a ghineadh leis.

Oir tha mòran mhealltairean air teachd a‑steach don t‑saoghal, nach eil ag aideachadh gu bheil Crìosd air teachd anns an fheòil. Is mealltair seo agus ana-crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan