Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 4:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A mhuinntir ionmhainn, ma ghràdhaich Dia sinne mar sin, tha e mar fhiachan oirnne a chèile a ghràdhachadh mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, An tì a rinn tròcair air. An sin thubhairt Iosa ris, Imich thusa, agus dèan mar an ceudna.

Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna.

Biodh gach uile sheirbhe, agus corraich, agus fearg, agus gàrrthaich, agus toibheum, air an togail uaibh, maille ris gach uile mhìorun.

A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis-ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.

A bhràithrean, chan eil mi a’ sgrìobhadh àithne nuaidh dur n‑ionnsaigh, ach seann àithne, a bha agaibh o thùs: is i an t‑seann àithne am facal a chuala sibh o thùs.

Oir is i seo an teachdaireachd a chuala sibh o thùs, sinn a thoirt gràidh da chèile:

Agus is i seo a àithne-san, gun creideamaid ann an ainm a Mhic Iosa Crìosd, agus gun gràdhaicheamaid a chèile, mar a thug esan àithne dhuinn.

A mhuinntir ionmhainn, gràdhaicheamaid a chèile: oir is ann o Dhia a tha an gràdh; agus gach neach a ghràdhaicheas, ghineadh o Dhia e, agus is aithne dha Dia.

Agus a‑nis guidheam ort, a bhan-tighearna, chan ann mar gun sgrìobhainn àithne nuadh ad ionnsaigh, ach an àithne a bha againn o thùs, gun gràdhaicheamaid a chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan