Ach air bhith dhuinne uile, le aghaidh gun chòmhdach, ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n‑atharrachadh a‑chum na h‑ìomhaigh cheudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna.
Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.
Agus a‑nis, a chlann bheag, fanaibh annsan; a‑chum nuair a dh’fhoillsichear e, gum bi dànachd againn, agus nach bi nàire oirnn na làthair aig a theachd.
A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.
Ge bè neach a ghineadh o Dhia cha dèan e peacadh: oir tha a shìol-san a’ fantainn ann; agus chan eil e an comas dha peacadh a dhèanamh, do bhrìgh gun do ghineadh o Dhia e.