Agus cuiridh mi mo spiorad an taobh a‑staigh dhibh, agus bheir mi oirbh gluasad ann am reachdan, agus coimheadaidh sibh mo bhreitheanais, agus nì sibh iad.
An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha.
Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris.
Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr-thoradh uaithe; oir as m’eugmhais-sa chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh.
Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid.
Agus an tì a choimheadas a àitheantan-san, tha e a’ gabhail còmhnaidh ann, agus esan annsan: agus le seo is aithne dhuinn gu bheil esan a’ gabhail còmhnaidh annainn, on Spiorad a thug e dhuinn.
An seo tha ar gràdh-ne air a dhèanamh coileanta, a‑chum gum bi againn dànachd ann an là a’ bhreitheanais: do bhrìgh mar a tha esan, gur amhail sin a tha sinne anns an t‑saoghal seo.
Chan eil eagal ann an gràdh; ach tilgidh gràdh iomlan an t‑eagal a‑mach; do bhrìgh gu bheil pian anns an eagal; an tì a tha fo eagal, cha do rinneadh coileanta ann an gràdh e.
Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.
Agus bha fearg air an dràgon ris a’ mhnaoi, agus chaidh e a dhèanamh cogaidh ris a’ chuid eile de a sliochd, a tha a’ coimhead àitheantan Dhè, agus aig a bheil fianais Iosa Crìosd.