Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 2:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An tì a their, Is aithne dhomh e, agus nach eil a’ coimhead a àitheantan, is breugaire e, agus chan eil an fhìrinn ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.

Oir tha mòran ann a tha mì‑riaghailteach, a labhras gu dìomhain, agus a tha nam mealltairean, gu h‑àraidh iadsan a tha den timcheall-ghearradh:

Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas-umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse.

Ma their sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn a’ dèanamh breugaire dhethsan, agus chan eil a fhacal annainn.

Ma their sinn gu bheil comann againn ris, agus sinn a’ gluasad ann an dorchadas, tha sinn a’ dèanamh brèige, agus chan eil sinn a’ dèanamh na fìrinn:

Ma their sinn nach eil peacadh againn, tha sinn gar mealladh fhèin, agus chan eil an fhìrinn annainn.

Agus le seo tha fhios againn gur aithne dhuinne e, ma choimheadas sinn a àitheantan.

An tì a their gu bheil e anns an t‑solas, agus a tha a’ fuathachadh a bhràthar, tha e anns an dorchadas gus a‑nis.

Gach neach a dh’fhanas annsan cha dèan e peacadh: ge bè air bith a pheacaicheas, chan fhaca e esan, agus cha robh eòlas aige air.

Ma their neach, Tha gràdh agam do Dhia, agus fuath aige da bhràthair, is breugaire e: oir an tì nach gràdhaich a bhràthair a chunnaic e, cionnas a dh’fhaodas e Dia nach faca e a ghràdhachadh?

A mhuinntir ionmhainn, gràdhaicheamaid a chèile: oir is ann o Dhia a tha an gràdh; agus gach neach a ghràdhaicheas, ghineadh o Dhia e, agus is aithne dha Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan