Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus le seo tha fhios againn gur aithne dhuinne e, ma choimheadas sinn a àitheantan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Ann an slighe d’àitheantan ruithidh mi, nuair a chuireas tu mo chridhe ann am farsaingeachd.

An sin cha ghabh mi nàire, nuair a bheir mi spèis dod àitheantan gu lèir.

De shaothair a anama chì e, agus bidh e toilichte. Le eòlas airsan nì m’òglach fìreanach mòran fhìreanachadh; oir giùlainidh e an euceartan.

Agus carson a ghoireas sibh, A Thighearna, a Thighearna, dhìomsa, agus nach dèan sibh na nithean a tha mi ag ràdh?

Mas toigh leibh mise, coimheadaibh m’àitheantan:

Ma choimheadas sibh m’àitheantan, fanaidh sibh ann am ghràdh; mar a choimhead mise àitheantan m’Athar, agus a tha mi a’ fantainn na ghràdh.

Is sibhse mo chàirdean-sa, ma nì sibh gach nì a tha mi ag àithneadh dhuibh.

Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat.

Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.

Agus air dha a bhith air a dhèanamh foirfe, rinneadh e na ùghdar slàinte shìorraidh dhaibhsan uile a bhios umhail dha;

Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, athraichean, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh esan a tha o thùs. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, òganacha, do bhrìgh gun tug sibh buaidh air an droch aon. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a chlann bheag, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh an t‑Athair.

Tha fhios againn gun deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha, do bhrìgh gu bheil gràdh againn do na bràithrean: an tì nach gràdhaich a bhràthair, fanaidh e ann am bàs.

Agus le seo is aithne dhuinn gu bheil sinn den fhìrinn, agus bheir sinn dearbhachd dar cridheachan na làthair.

Gach neach a dh’fhanas annsan cha dèan e peacadh: ge bè air bith a pheacaicheas, chan fhaca e esan, agus cha robh eòlas aige air.

O seo is aithne dhuinn gu bheil sinne nar còmhnaidh annsan, agus esan annainne, do bhrìgh gun tug e dhuinn de a Spiorad.

A mhuinntir ionmhainn, gràdhaicheamaid a chèile: oir is ann o Dhia a tha an gràdh; agus gach neach a ghràdhaicheas, ghineadh o Dhia e, agus is aithne dha Dia.

Tha fhios againn gu bheil sinne o Dhia, agus tha an saoghal uile na laighe anns an olc.

O seo is aithne dhuinn gu bheil gràdh againn do chloinn Dhè, nuair a ghràdhaicheas sinn Dia, agus a choimheadas sinn a àitheantan.

Oir is e seo gràdh Dhè, sinn a choimhead a àitheantan: agus chan eil a àitheantan-san trom.

Agus bha fearg air an dràgon ris a’ mhnaoi, agus chaidh e a dhèanamh cogaidh ris a’ chuid eile de a sliochd, a tha a’ coimhead àitheantan Dhè, agus aig a bheil fianais Iosa Crìosd.

An seo tha foighidinn nan naomh: an seo tha an dream a choimheadas àitheantan Dhè, agus creideamh Iosa.

Is beannaichte iadsan a nì a àitheantan-san, a‑chum gum bi còir aca air craoibh na beatha, agus gun tèid iad a‑steach tre na geatachan don bhaile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan