Uime sin fanadh an nì sin annaibhse a chuala sibh o thùs. Ma dh’fhanas an nì a chuala sibh o thùs annaibh, fanaidh sibhse mar an ceudna anns a’ Mhac, agus anns an Athair.
Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris.
Agus fhuair sinn aithne air agus chreid sinn an gràdh a tha aig Dia dhuinn. Is gràdh Dia; agus an tì a tha a’ fantainn ann an gràdh tha e na chòmhnaidh ann an Dia, agus Dia annsan.
Cuimhnich uime sin cionnas a fhuair agus a chuala tu, agus glèidh, agus gabh aithreachas. Uime sin mura dèan thu faire, thig mi ort mar ghadaiche, agus cha bhi fhios agad ciod i an uair anns an tig mi ort.
A bhràithrean, chan eil mi a’ sgrìobhadh àithne nuaidh dur n‑ionnsaigh, ach seann àithne, a bha agaibh o thùs: is i an t‑seann àithne am facal a chuala sibh o thùs.
An nì a chunnaic agus a chuala sinn tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, a‑chum gum bi agaibhse mar an ceudna comann rinne: agus gu fìrinneach tha ar comann-ne ris an Athair, agus ra Mhac Iosa Crìosd.
Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.
Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.
Agus a‑nis biodh fhios agaibhse, Philipianacha, ann an toiseach an t‑soisgeil, nuair a dh’fhàg mi Macedònia, nach do roinn eaglais air bith riumsa, a‑thaobh tabhairt agus gabhail, ach sibhse a‑mhàin.
Oir rinn mi gàirdeachas gu mòr nuair a thàinig na bràithrean, agus a rinn iad fianais don fhìrinn a tha annadsa, mar a tha thusa ag imeachd anns an fhìrinn.
Agus an tì a choimheadas a àitheantan-san, tha e a’ gabhail còmhnaidh ann, agus esan annsan: agus le seo is aithne dhuinn gu bheil esan a’ gabhail còmhnaidh annainn, on Spiorad a thug e dhuinn.
Ge bè neach a bhriseas an lagh, agus nach fan ann an teagasg Chrìosd, chan eil Dia aige: an tì a dh’fhanas ann an teagasg Chrìosd, tha araon an t‑Athair agus am Mac aige.