Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 2:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mo chlann bheag, na nithean seo tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a‑chum nach peacaich sibh. Agus ma pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Crìosd am fìrean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

47 Iomraidhean Croise  

Biodh eagal oirbh, agus na peacaichibh; labhraibh ri ur cridhe air ur leabaidh, agus bithibh tosdach. Selah.

Gidheadh ma bheir thu rabhadh don fhìrean, air chor is nach ciontaich am fìrean, agus nach dèan e peacadh, mairidh e gu cinnteach beò, do bhrìgh gun d’fhuair e rabhadh; mar an ceudna shaor thusa d’anam fhèin.

Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.

Tha na h‑uile nithean air an tabhairt dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith cò e am Mac, ach don Athair; no cò e an t‑Athair ach don Mhac, agus an neach don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.

Mar as aithne don Athair mise, mar sin is aithne dhòmhsa an t‑Athair: agus tha mi leigeadh m’anama sìos airson nan caorach.

A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis.

Agus guidhidh mise an t‑Athair, agus bheir e dhuibh Comhfhurtair eile, a‑chum gum fan e maille ribh gu bràth;

Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.

An sin thubhairt Iosa riu, A chlann, a bheil biadh air bith agaibh? Fhreagair iadsan e, Chan eil.

Na dhèidh seo fhuair Iosa e anns an teampall, agus thubhairt e ris, Feuch, rinneadh slàn thu: na peacaich nas mò, air eagal gun tachair nas miosa dhut.

Ach tha agamsa fianais as mò na fianais Eòin: oir na h‑obraichean a thug an t‑Athair dhòmhsa a‑chum gun crìochnaichinn iad, tha na h‑obraichean sin fhèin a tha mise a’ dèanamh a’ toirt fianais mum thimcheall, gun do chuir an t‑Athair uaithe mi.

Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.

Thubhairt ise, Cha do dhìt aon duine, a Thighearna. Agus thubhairt Iosa rithe, Cha mhò a tha mise gad dhìteadh: imich romhad, agus na peacaich nas mò.

Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur-leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd-brathaidh, agus nur mortairean:

Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn.

Ciod uime sin? Am peacaich sinn, do bhrìgh nach eil sinn fon lagh, ach fo ghràs? Nar leigeadh Dia.

Cò a dhìteas? Is e Crìosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’èirich a‑rìs, agus a tha air deaslàimh Dhè, neach a tha mar an ceudna a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son.

Dùisgibh a‑chum fìreantachd, agus na dèanaibh peacadh; oir chan eil eòlas Dhè aig cuid; a‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt seo.

Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.

Mo chlann bheag, air a bheil mi a‑rìs ri saothair, gus an dealbhar Crìosd annaibh,

Oir trìdsan tha araon slighe againn gu dol a‑steach tre aon Spiorad a‑chum an Athar.

Biodh fearg oirbh, agus na peacaichibh: na laigheadh a’ ghrian air ur corraich:

Oir is aon Dia a tha ann, agus aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Crìosd;

Tha mi a’ sgrìobhadh nan nithean seo ad ionnsaigh an dòchas teachd gu grad ad ionnsaigh:

Oir cha deachaidh Crìosd a‑steach do na h‑ionadan naomha làmh-dhèante, nithean a tha nan samhladh air an fhìor ionad; ach do nèamh fhèin, a‑chum a‑nis e fhèin a nochdadh ann am fianais Dhè air ar son-ne:

Is i seo an diadhachd fhìorghlan agus neo-shalach am fianais Dhè agus an Athar, dìlleachdain agus bantraichean fhiosrachadh nan trioblaid agus neach ga choimhead fhèin gun smal on t‑saoghal.

Leathase tha sinn a’ beannachadh Dhè, eadhon an t‑Athar; agus leathase tha sinn a’ mallachadh dhaoine, a rinneadh a rèir coslas Dhè.

Neach nach do rinn peacadh, cha mhò a fhuaireadh cealg na bheul:

Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo-fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.

Mo chlann bheag, na gràdhaicheamaid ann am facal, no ann an teangaidh; ach ann an gnìomh agus ann am fìrinn.

Agus tha fhios agaibh gun d’fhoillsicheadh esan a‑chum ar peacaidhean a thoirt air falbh; agus chan eil peacadh sam bith annsan.

A chlann bheag, na mealladh neach air bith sibh: an tì a nì fìreantachd is fìrean e, mar as fìrean esan:

A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.

Is peacadh gach uile eucoir: agus tha peacadh ann nach eil a‑chum bàis.

A chlann bheag, coimheadaibh sibh fhèin o iodhalan. Amen.

Chan eil gàirdeachas agam as mò na bhith a’ cluinntinn gu bheil mo chlann ag imeachd anns an fhìrinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan