Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma their sinn gu bheil comann againn ris, agus sinn a’ gluasad ann an dorchadas, tha sinn a’ dèanamh brèige, agus chan eil sinn a’ dèanamh na fìrinn:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Chan eil eòlas no tuigse aca; ann an dorchadas gluaisidh iad; tha uile bhunaitean na talmhainn air chrith.

Am bi comann riutsa aig rìgh-chathair na h‑euceirt, a dhealbhas aimhleas le reachd?

A dh’fhàgas ceuman an ionracais, a dh’imeachd ann an slighean an dorchadais;

Is iomadh iad a their riumsa anns an là ud, A Thighearna, a Thighearna, nach do rinn sinn fàidheadaireachd ann ad ainm-sa, agus ann ad ainm-sa nach do thilg sinn a‑mach deamhain agus ann ad ainm-sa nach do rinn sinn iomadh mìorbhail?

Ach ma dh’imicheas duine anns an oidhche, tuislichidh e, do bhrìgh nach eil an solas ann.

An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol.

Thàinig mi am sholas a‑chum an t‑saoghail, a‑chum ge bè a chreideas annam, nach fanadh e ann an dorchadas.

An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.

Gidheadh cha do ghabh sibh eòlas air; ach tha eòlas agamsa air: agus nan abrainn nach aithne dhomh e, bhithinn cosmhail ribhse ann am bhreugaire: ach is aithne dhomh e, agus tha mi a’ coimhead a fhacail.

Tre cheilg bhreugairean, air a bhith dan cogaisean air an losgadh le iarann dearg;

Ciod an tairbhe, mo bhràithrean, ged their neach gu bheil creideamh aige, agus gun obraichean a bhith aige? An urrainn creideamh a thèarnadh?

Agus gun abair neach agaibhse riu, Imichibh ann an sìth, bithibh air ur garadh, agus bithibh air ur sàsachadh: gidheadh nach toir sibh dhaibh na nithean sin a tha feumail don chorp, ciod an tairbhe a tha ann?

Ach tha neach àraidh ag ràdh, Tha creideamh agadsa, agus tha obraichean agamsa: nochd dhòmhsa do chreideamh as eugmhais d’obraichean, agus nochdaidh mise dhutsa mo chreideamh lem obraichean.

Ma their sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn a’ dèanamh breugaire dhethsan, agus chan eil a fhacal annainn.

An nì a chunnaic agus a chuala sinn tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, a‑chum gum bi agaibhse mar an ceudna comann rinne: agus gu fìrinneach tha ar comann-ne ris an Athair, agus ra Mhac Iosa Crìosd.

Ma their sinn nach eil peacadh againn, tha sinn gar mealladh fhèin, agus chan eil an fhìrinn annainn.

An tì a their, Is aithne dhomh e, agus nach eil a’ coimhead a àitheantan, is breugaire e, agus chan eil an fhìrinn ann.

Ma their neach, Tha gràdh agam do Dhia, agus fuath aige da bhràthair, is breugaire e: oir an tì nach gràdhaich a bhràthair a chunnaic e, cionnas a dh’fhaodas e Dia nach faca e a ghràdhachadh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan