Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 1:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha sinn a’ sgrìobhadh nan nithean seo dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi ur gàirdeachas coileanta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan.

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum fanadh mo ghàirdeachas annaibh, agus gum biodh ur gàirdeachas-se làn.

Gus a seo cha d’iarr sibh nì air bith ann am ainm-sa: iarraibh, agus gheibh sibh, a‑chum gum bi ur n‑aoibhneas làn.

An tì aig a bheil a’ bhean nuadh-phòsda, is e am fear nuadh-pòsda e: ach caraid an fhir nuadh-phòsda, a tha na sheasamh agus ag èisdeachd ris, tha e a’ dèanamh gàirdeachais mhòir airson guth an fhir nuadh-phòsda: uime sin tha mo ghàirdeachas-sa air a choileanadh.

Chan e gu bheil againne tighearnas air ur creideamh-se, ach is luchd-cuideachaidh sinn dur n‑aoibhneas: oir is ann tre chreideamh a sheas sibh.

Agus air gràdh Chrìosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas, a‑chum gum bi sibh air ur lìonadh le uile lànachd Dhè.

Mo chlann bheag, na nithean seo tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a‑chum nach peacaich sibh. Agus ma pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Crìosd am fìrean:

Air dhomh mòran a bhith agam ri sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, cha b’àill leam sgrìobhadh le paipear agus dubh; ach tha dòchas agam teachd dur n‑ionnsaigh, agus labhairt beul ri beul, a‑chum gum bi ar gàirdeachas coileanta.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan