Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eòin 1:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

(Oir dh’fhoillsicheadh a’ bheatha, agus chunnaic sinne i, agus tha sinn a’ dèanamh fianais, agus a’ cur an cèill dhuibhse na beatha maireannaich ud a bha maille ris an Athair, agus a dh’fhoillsicheadh dhuinne;)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

37 Iomraidhean Croise  

Chan fhaca neach air bith Dia riamh; an t‑aon-ghin Mic, a tha ann an uchd an Athar, is esan a dh’fhoillsich e.

Annsan bha beatha, agus b’i a’ bheatha solas dhaoine.

Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad.

Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.

Agus nì sibhse fianais mar an ceudna, do bhrìgh gu bheil sibh maille rium o thùs.

Thàinig mi a‑mach on Athair, agus tha mi air teachd a‑chum an t‑saoghail: a‑rìs, tha mi a’ fàgail an t‑saoghail, agus a’ dol a‑chum an Athar.

Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat.

Agus a‑nis, Athair, glòraich thusa mise maille riut fhèin, leis a’ ghlòir a bha agam maille riut mun robh an saoghal ann.

Agus thug an tì a chunnaic sin fianais, agus tha a fhianais fìrinneach: agus tha fhios aige gu bheil e a’ labhairt na fìrinn, a‑chum gun creideadh sibhse.

Is i seo a‑nis an treas uair a nochd Iosa e fhèin da dheisciobail, an dèidh dha èirigh o na mairbh.

Agus cha deachaidh aon neach suas do nèamh, ach an tì a thàinig a‑nuas o nèamh, Mac an Duine a tha air nèamh.

Ach tha eòlas agamsa air; oir is ann uaithe a tha mi, agus chuir esan uaithe mi.

Tha mise a’ labhairt an nì sin a chunnaic mi aig m’Athair; agus tha sibhse a’ dèanamh an nì a chunnaic sibh aig ur n‑athair fhèin,

A’ tòiseachadh o bhaisteadh Eòin, gus an là anns an do thogadh suas uainn e, a bhith air a dhèanamh na fhianais air a aiseirigh-san maille rinne.

Chan ann don t‑sluagh uile, ach do fhianaisean, a thaghadh le Dia ro‑làimh, eadhon dhuinne, a dh’ith agus a dh’òl maille ris an dèidh dha èirigh o na mairbh.

An t‑Iosa seo thog Dia suas, air a bheil sinne uile nar fianaisean.

Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.

Agus tha sinne nar fianaisean dha air na nithean seo; agus mar an ceudna an Spiorad Naomh, a thug Dia dhaibhsan a tha umhail dha.

Oir an nì nach robh an comas don lagh a dhèanamh, do bhrìgh gu robh e anfhann tre an fheòil, aig cur a Mhic fhèin do Dhia ann an coslas feòla peacaich, agus na ìobairt airson peacaidh, dhìt e am peacadh anns an fheòil:

Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh,

Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.

Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis tro theachd ar Slànaighir Iosa Crìosd, a chuir as don bhàs, agus a thug beatha agus neo-bhàsmhorachd a‑chum solais, tre an t‑soisgeul;

Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail;

Na seanairean a tha nur measg tha mi ag earalachadh, air a bhith dhomh fhèin am sheanair mar an ceudna, agus am fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar an ceudna am fhear-compàirt den ghlòir sin, a tha gu bhith air a foillseachadh:

An nì a bha ann o thùs, an nì a chuala sinne, a chunnaic sinn le ar sùilean, air an d’amhairc sinn, agus a làimhsich ar làmhan a‑thaobh facal na beatha;

Agus is e seo an gealladh a gheall e dhuinn, eadhon a’ bheatha mhaireannach.

Agus tha fhios agaibh gun d’fhoillsicheadh esan a‑chum ar peacaidhean a thoirt air falbh; agus chan eil peacadh sam bith annsan.

An tì a nì peacadh, is ann on diabhal a tha e; oir tha an diabhal a’ peacachadh o thùs. Is ann a‑chum na crìche seo a dh’fhoillsicheadh Mac Dhè, a‑chum gun sgriosadh e obraichean an diabhail.

Agus chunnaic sinn agus tha sinn a’ dèanamh fianais gun do chuir an t‑Athair am Mac uaithe mar Shlànaighear an t‑saoghail.

Le seo aithnichibh Spiorad Dhè: gach uile spiorad a dh’aidicheas gun tàinig Iosa Crìosd anns an fheòil, is ann o Dhia a tha e.

Agus is i seo an fhianais, gun tug Dia dhuinn a’ bheatha mhaireannach: agus tha a’ bheatha seo na Mhac.

Na nithean seo sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh-se a tha a’ creidsinn ann an ainm Mac Dhè; a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh, agus a‑chum gun creid sibh ann an ainm Mac Dhè.

Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan