Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus de mhic Sherah; Ieuel, agus am bràithrean, sia ceud agus ceithir-fichead agus a deich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh sin thàinig a bhràthair a‑mach, aig an robh an snàthainn sgàrlaid air a làimh; agus thugadh Sàrah mar ainm air.

Agus mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain. Agus b’iad mic Phareids, Hesron agus Hamul.

Agus rug Tàmar a bhana-chliamhain dha Phares, agus Serah. B’iad uile mhic Iùdah còignear.

Agus mic Sherah: Simri, agus Etan, agus Heman, agus Calcol, agus Dara: còignear dhiubh uile.

Agus de na Silonaich: Asaiah an ciad-ghin, agus a mhic.

Agus de mhic Bheniàmin: Salu mac Mhesulaim, mhic Hodabhiah, mhic Hasenuah;

Agus b’iad mic Iùdah, a rèir an teaghlaichean; o Shelah, teaghlach nan Selanach: o Pharets, teaghlach nam Pharetseach: o Sherah, teaghlach nan Sarhach:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan