Agus mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain. Agus b’iad mic Phareids, Hesron agus Hamul.
Agus chòmhnaich ann an Ierusalem de chloinn Iùdah, agus de chloinn Bheniàmin: de chloinn Iùdah: Ataiah mac Udsiah, mhic Shechariah, mhic Amariah, mhic Shephatiah, mhic Mahaleleeil, de chloinn Phereis:
Mar an ceudna thug Iesua, agus Bani, agus Serebiah, Iamin, Acub, Sabetai, Hodiah, Maaseiah, Celita, Asariah, Iosabad, Hanan, Pelaiah, agus na Lèbhithich air an t‑sluagh an lagh a thuigsinn: agus sheas an sluagh nan àite.
Agus b’iad mic Iùdah, a rèir an teaghlaichean; o Shelah, teaghlach nan Selanach: o Pharets, teaghlach nam Pharetseach: o Sherah, teaghlach nan Sarhach: