Agus lean na Philistich gu teann an dèidh Shauil, agus an dèidh a chuid mhac; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil.
Mar sin thachair e ann an là a’ chatha, nach d’fhuaireadh aon chuid claidheamh no sleagh ann an làimh neach sam bith den t‑sluagh, a bha maille ri Saul agus Ionatan: ach fhuaireadh aig Saul agus aig a mhac Ionatan.
A‑nis air là àraidh thubhairt Ionatan mac Shauil ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis gu freiceadan nam Philisteach, a tha air an taobh thall: ach cha d’innis e da athair.