Bha cinn athraichean sin nan Lèbhitheach nan cinn a rèir an ginealaichean: bha iad a chòmhnaidh ann an Ierusalem.
Sin cinn nan athraichean, a rèir an ginealaichean, cinn-fheadhna. Bha iad sin a chòmhnaidh ann an Ierusalem.
Agus am bràithrean, cinn-taighe an athraichean, mìle agus seachd ceud agus trì-fichead, daoine ro‑fhoghainteach fa chomhair obair seirbhis taigh Dhè.
Agus is iad sin luchd-ciùil, cinn athraichean nan Lèbhitheach, a bha anns na seòmraichean, saor o gach cùram eile; oir a là agus a dh’oidhche bha orra a bhith rin obair-san.
Agus ann an Gibeon chòmhnaich athair Ghibeoin, Iehiel; agus b’e ainm a mhnà Maachah: