Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is iad sin luchd-ciùil, cinn athraichean nan Lèbhitheach, a bha anns na seòmraichean, saor o gach cùram eile; oir a là agus a dh’oidhche bha orra a bhith rin obair-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Bha cinn athraichean sin nan Lèbhitheach nan cinn a rèir an ginealaichean: bha iad a chòmhnaidh ann an Ierusalem.

Mar an ceudna tha sinn a’ toirt fios dhuibh a‑thaobh nan sagart uile agus nan Lèbhitheach, an luchd-seinn, nan dorsairean, nan Netineach, no seirbhisich taigh seo Dhè, nach faodar cìs, càin, no cuspann a chur orra.

Agus Mataniah mac Mhicha, mhic Shabdi, mhic Asaiph, an ciad fhear a thòisicheadh air buidheachas a thoirt ann an ùrnaigh; agus Bacbuciah, an dara fear am measg a bhràithrean, agus Abda mac Shamua, mhic Ghalail, mhic Iedutuin.

Oir ann an làithean Dhaibhidh agus Asaiph o shean bha cinn ann air an luchd-seinn, agus air na laoidhean molaidh agus buidheachais do Dhia.

Imich gu taigh nan Rechabach, agus labhair riu, agus thoir iad a‑chum taigh an Tighearna gu aon de na seòmraichean, agus thoir dhaibh fìon ra òl.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan