Agus b’ann aig Matitiah, aon de na Lèbhithich, eadhon ciad-ghin Shaluim an Corahach, a bha dreuchd suidhichte os cionn nan nithean a rinneadh ann an aighnean.
Agus cho-èignich e iad; agus thionndaidh iad da ionnsaigh, agus chaidh iad a‑steach da thaigh; agus rinn e cuirm dhaibh, agus dheasaich e aran neo-ghortaichte, agus dh’ith iad.
Araon fa chomhair an arain thaisbeanta, agus fa chomhair na mine mìne a‑chum tabhartais-bìdh, agus fa chomhair nam breacagan neo-ghortaichte, agus fa chomhair nan nithean a dheasaichear anns an aghann agus a ròistear, agus fa chomhair gach uile ghnè tomhais agus meud;
Agus bha Salum mac Chore, mhic Ebiasaiph, mhic Chorah, agus a bhràithrean (de thaigh a athar) na Corahaich os cionn obair na seirbhis, nan luchd-gleidhidh geatachan a’ phàillein; agus an athraichean os cionn sluagh an Tighearna, nan luchd-gleidhidh air dol a‑steach a’ phàillein.
Iad sin uile a thaghadh gu bhith nan dorsairean anns na geatachan, bu dà cheud agus dà‑fhear-dheug iad. Dh’àirmheadh iad sin a rèir an ginealaichean nam frith-bhailtean, a shuidhich Daibhidh agus Samuel, am fear-seallaidh, nan dreuchd suidhichte.
Ann an aghann nìthear e le ola, agus nuair a bhios e fuinte, bheir thu a‑steach e; agus na mìrean fuinte den tabhartas-bhìdh bheir thu seachad a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.