Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ann an Ierusalem ghabh còmhnaidh de chloinn Iùdah, agus de chloinn Bheniàmin, agus de chloinn Ephraim, agus Mhanaseh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Sin cinn nan athraichean, a rèir an ginealaichean, cinn-fheadhna. Bha iad sin a chòmhnaidh ann an Ierusalem.

Utai mac Amihuid, mhic Omri, mhic Imri, mhic Bhani, de chloinn Phareis mhic Iùdah.

Agus nan dèidh-san thàinig a‑mach a uile threubhan Israeil iadsan a shocraich an cridhe a dh’iarraidh an Tighearna Dia Israeil, gu Ierusalem, a dh’ìobradh don Tighearna Dia an athraichean.

Gidheadh, dh’irioslaich daoine àraidh de Aser, de Mhanaseh, agus de Shebulun iad fhèin, agus thàinig iad gu Ierusalem.

Agus chòmhnaich uachdarain an t‑sluaigh ann an Ierusalem; agus thilg a’ chuid eile den t‑sluagh croinn, a thoirt aoin as an deichnear a ghabhail còmhnaidh ann an Ierusalem, am baile naomh, agus gum biodh naoi earrannan anns na bailtean eile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan