Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chuireadh cuid dhiubh mar an ceudna os cionn nan soithichean, agus os cionn uile innealan an ionaid naoimh, agus os cionn na mine mìne, agus an fhìona, agus na h‑ola, agus na tùise, agus nan spìosraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Araon fa chomhair an arain thaisbeanta, agus fa chomhair na mine mìne a‑chum tabhartais-bìdh, agus fa chomhair nam breacagan neo-ghortaichte, agus fa chomhair nan nithean a dheasaichear anns an aghann agus a ròistear, agus fa chomhair gach uile ghnè tomhais agus meud;

Agus bha cuid dhiubh os cionn nan soithichean-frithealaidh, a‑chum an toirt a‑steach agus a‑mach air àireamh.

Agus cha do chlaon iad o àithne an rìgh mu na sagartan agus na Lèbhithich, a‑thaobh nì air bith, no a‑thaobh nan ionmhas.

Agus àithnidh tu do chloinn Israeil, gun toir iad ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn-ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air an lòchran lasadh an còmhnaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan