Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha cuid dhiubh os cionn nan soithichean-frithealaidh, a‑chum an toirt a‑steach agus a‑mach air àireamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus de na Lèbhithich, bha Ahiah os cionn ionmhasan taigh Dhè, agus os cionn ionmhasan nan nithean naomha.

Agus bha iad a’ gabhail tàimh mun cuairt air taigh Dhè, a chionn gum b’ann orrasan a bha a chùram, agus gum buineadh dhaibh a fhosgladh gach madainn.

Chuireadh cuid dhiubh mar an ceudna os cionn nan soithichean, agus os cionn uile innealan an ionaid naoimh, agus os cionn na mine mìne, agus an fhìona, agus na h‑ola, agus na tùise, agus nan spìosraidh.

Agus shuidhicheadh air an là cheudna daoine os cionn nan seòmar airson nan ionmhas, airson nan tabhartas, airson nan ciad-thoradh, agus airson nan deicheamh, a‑chum gun cruinnicheadh iad annta à achaidhean nam bailtean cuibhreannan an lagha do na sagartan agus do na Lèbhithich: oir bha aoibhneas air Iùdah airson nan sagart agus airson nan Lèbhitheach a bha a’ feitheamh.

Agus gabhaidh iad na h‑innealan-frithealaidh uile leis am fritheil iad anns an ionad naomh, agus cuiridh iad ann an aodach de ghorm iad, agus còmhdaichidh iad le còmhdach de chraicnean bhroc iad, agus cuiridh iad air lunn iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan