Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha iad a’ gabhail tàimh mun cuairt air taigh Dhè, a chionn gum b’ann orrasan a bha a chùram, agus gum buineadh dhaibh a fhosgladh gach madainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Oir bha na Lèbhithich sin, na ceithir àrd-dhorsairean, nan dreuchd suidhichte, agus bha iad os cionn seòmraichean agus os cionn ionmhasan taigh Dhè.

Agus bha cuid dhiubh os cionn nan soithichean-frithealaidh, a‑chum an toirt a‑steach agus a‑mach air àireamh.

Feuch, beannaichibh an Tighearna, sibhse òglacha an Tighearna gu lèir, a sheasas ann an taigh an Tighearna gach oidhche.

Agus thug mi iad gu taigh an Tighearna, gu seòmar mic Hanain mhic Igdaliah, òglach Dhè, a bha ri taobh seòmar nan uachdaran, a bha ri taobh seòmar Mhaaseiah mhic Shaluim, fear-gleidhidh an dorais:

Gu cinnteach druidear na dorsan nur n‑aghaidh; agus chan fhadaidh sibh teine air m’altair-sa gu dìomhain. Chan eil tlachd air bith agam annaibh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cha mhò a ghabhas mi tabhartas air bith o ur làimh.

No mas frithealadh, thugamaid aire dar frithealadh; no an tì a theagaisgeas, thugadh e aire da theagasg;

Agus laigh Samuel gu madainn, agus dh’fhosgail e dorsan taigh an Tighearna: agus bha eagal air Samuel an taisbeanadh innse do Eli.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan