Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bha na Lèbhithich sin, na ceithir àrd-dhorsairean, nan dreuchd suidhichte, agus bha iad os cionn seòmraichean agus os cionn ionmhasan taigh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig iad agus ghlaodh iad ri dorsairean a’ bhaile, agus dh’innis iad dhaibh, ag ràdh, Chaidh sinne gu camp nan Sirianach, agus, feuch, cha robh duine air bith an sin, no guth duine, ach eich ceangailte, agus asail ceangailte, agus na bùthan mar a bha iad.

Agus am bràithrean nam frith-bhailtean, gu teachd an dèidh seachd làithean o àm gu àm maille riu.

Agus bha iad a’ gabhail tàimh mun cuairt air taigh Dhè, a chionn gum b’ann orrasan a bha a chùram, agus gum buineadh dhaibh a fhosgladh gach madainn.

Agus rinn e dha seòmar mòr far an robh iad roimhe a’ cur an tabhartais-bhìdh, na tùise, agus nan soitheach, agus deicheamh an arbhair, an fhìona nuaidh, agus na h‑ola (a dh’òrdaicheadh do na Lèbhithich, agus don luchd-seinn, agus do na dorsairean), agus tabhartasan nan sagartan.

Imich gu taigh nan Rechabach, agus labhair riu, agus thoir iad a‑chum taigh an Tighearna gu aon de na seòmraichean, agus thoir dhaibh fìon ra òl.

An sin thug e mi don chùirt a‑staigh, agus, feuch, seòmraichean agus ùrlar dèante airson na cùirte timcheall air gach taobh: bha deich-seòmraichean-fichead anns an ùrlar.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan