Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus am bràithrean nam frith-bhailtean, gu teachd an dèidh seachd làithean o àm gu àm maille riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Seo an nì a nì sibh: Bidh an treas cuid dhibhse a thèid a‑steach air an t‑sàbaid a’ gleidheadh faire taigh an rìgh:

Agus gleidhidh dà chuid dhibhse uile a thèid a‑mach air an t‑sàbaid, gleidhidh eadhon iadsan faire taigh an Tighearna mun cuairt air an rìgh.

B’e sin an àireamh a rèir an seirbhis a‑chum teachd a‑steach do thaigh an Tighearna, a rèir an gnàtha, fo làimh Aaroin an athair, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil dha.

Ann an ceithir cheàrnan bha na dorsairean, a làimh na h‑àird an ear, na h‑àird an iar, na h‑àird a tuath, agus na h‑àird a deas;

Oir bha na Lèbhithich sin, na ceithir àrd-dhorsairean, nan dreuchd suidhichte, agus bha iad os cionn seòmraichean agus os cionn ionmhasan taigh Dhè.

Seo an nì a nì sibh: Bidh an treas cuid dhibhse a thèid a‑steach air an t‑sàbaid de na sagartan agus de na Lèbhithich nan luchd-gleidhidh nan doras;

Agus rinn na Lèbhithich, agus Iùdah uile, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Iehoiada an sagart, agus ghabh iad gach fear a dhaoine fhèin a bha gu teachd a‑steach air an t‑sàbaid, maille riùsan a bha gu dol a‑mach air an t‑sàbaid; oir cha do leig Iehoiada an sagart air falbh na roinnean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan