Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ann an ceithir cheàrnan bha na dorsairean, a làimh na h‑àird an ear, na h‑àird an iar, na h‑àird a tuath, agus na h‑àird a deas;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig iad agus ghlaodh iad ri dorsairean a’ bhaile, agus dh’innis iad dhaibh, ag ràdh, Chaidh sinne gu camp nan Sirianach, agus, feuch, cha robh duine air bith an sin, no guth duine, ach eich ceangailte, agus asail ceangailte, agus na bùthan mar a bha iad.

Mar sin bha iadsan agus am mic os cionn geatachan taigh an Tighearna, agus taigh a’ phàillein a‑chum an gleidheadh.

Agus am bràithrean nam frith-bhailtean, gu teachd an dèidh seachd làithean o àm gu àm maille riu.

Agus shuidhich e, a rèir riaghailt Dhaibhidh a athair, roinnean nan sagart a‑chum an seirbhis, agus na Lèbhithich a‑chum an cùraim, a mholadh agus a fhrithealadh am fianais nan sagart, a rèir dlighe gach là; agus na dorsairean a rèir an roinnean aig gach geata: oir mar sin dh’àithn Daibhidh, òglach Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan