Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar sin bha iadsan agus am mic os cionn geatachan taigh an Tighearna, agus taigh a’ phàillein a‑chum an gleidheadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus a‑chum gun gleidheadh iad cùram pàillean a’ choitheanail, agus cùram an ionaid naoimh, agus cùram mic Aaroin, am bràithrean, ann an seirbhis taigh an Tighearna.

Dhiubh sin bha roinnean nan dorsairean, eadhon de na prìomh-dhaoine a bha ri faire fa chomhair am bràithrean, gu frithealadh ann an taigh an Tighearna.

Iad sin uile a thaghadh gu bhith nan dorsairean anns na geatachan, bu dà cheud agus dà‑fhear-dheug iad. Dh’àirmheadh iad sin a rèir an ginealaichean nam frith-bhailtean, a shuidhich Daibhidh agus Samuel, am fear-seallaidh, nan dreuchd suidhichte.

Ann an ceithir cheàrnan bha na dorsairean, a làimh na h‑àird an ear, na h‑àird an iar, na h‑àird a tuath, agus na h‑àird a deas;

Agus shuidhich e na dorsairean aig geatachan taigh an Tighearna, a‑chum nach rachadh neach air bith a‑steach, a bha neòghlan ann an nì air bith.

Agus choimhead iad faire an Dè, agus faire a’ ghlanaidh, araon an luchd-seinn agus na dorsairean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Sholaimh a mhac:

Agus thubhairt e rium, Tha an seòmar seo a tha ag amharc ri deas airson nan sagart a tha a’ frithealadh air coimhead an taighe.

Ach nì mi iad nan luchd-coimhead cùram an taighe, airson a uile sheirbhis, agus airson gach uile nì a bhios ri dhèanamh ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan