Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’e Phinehas mac Eleàsair a bu cheann-riaghlaidh orra o shean am fianais an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus bha e na dhuine leis an do shoirbhich gach nì; agus bha e ann an taigh a mhaighistir, an t‑Eiphiteach.

Agus chunnaic a mhaighistir gu robh an Tighearna maille ris, agus gun tug an Tighearna air gach nì a rinn e soirbheachadh na làimh.

Agus bha Salum mac Chore, mhic Ebiasaiph, mhic Chorah, agus a bhràithrean (de thaigh a athar) na Corahaich os cionn obair na seirbhis, nan luchd-gleidhidh geatachan a’ phàillein; agus an athraichean os cionn sluagh an Tighearna, nan luchd-gleidhidh air dol a‑steach a’ phàillein.

Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.

Agus bidh Eleàsar, mac Aaroin an sagart, na cheannard air ceannardan nan Lèbhitheach, agus bidh sùil aige orrasan a bhios a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh.

Agus chuir Maois iad a‑chum a’ chogaidh, mìle de gach treubh, iadsan agus Phinehas mac Eleàsair, an sagart, a‑chum a’ chogaidh, leis na h‑innealan naomha na làimh, agus na trompaidean gu sèideadh.

Agus do dhreuchd Eleàsair mhic Aaroin, an sagart, buinidh an ola a‑chum an t‑solais, agus an tùis chùbhraidh, agus an tabhartas-bìdh làitheil, agus an ola-ungaidh, agus cùram a’ phàillein uile, agus nan uile nithean a tha ann, anns an ionad naomh, agus na shoithichean.

Is i seo seirbhis teaghlaichean mic Ghersoin, ann am pàillean a’ choitheanail; agus bidh an cùram fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.

Is i seo seirbhis teaghlaichean mic Mherari, a rèir an seirbhis uile ann am pàillean a’ choitheanail, fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.

Agus chuir clann Israeil a dh’ionnsaigh cloinn Reubein, agus a dh’ionnsaigh cloinn Ghad, agus gu leth-threubh Mhanaseh, do thìr Ghilead, Phinehas mac Eleàsair an sagart;

An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear-cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan