Agus is iad seo clann na mòr-roinne, a chaidh suas de na braighdean, dhiubhsan a thugadh air falbh, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh leis do Bhàbiloin, agus a thill gu Ierusalem agus Iùdah, gach fear da bhaile fhèin;
Agus ghabh na sagartan agus na Lèbhithich, agus cuid den t‑sluagh, agus an luchd-seinn, agus na dorsairean, agus na Netinich, còmhnaidh nam bailtean, agus Israeil uile nam bailtean.
Agus de na Netinich a dh’òrdaich Daibhidh agus na h‑uachdarain airson seirbhis nan Lèbhitheach, dà cheud, agus fichead Netineach: ghoireadh iad uile air an ainm.
Dhlùth-lean iad rim bràithrean, an àrd-uaislean, agus chaidh iad fo mhallachadh, agus fo mhionnan, gluasad ann an lagh Dhè, a thugadh seachad le làimh Mhaois, òglach Dhè, agus a choimhead agus a dhèanamh uile àitheantan Iehòbhah ar Tighearna, agus a bhreitheanas, agus a reachdan:
Agus chòmhnaich uachdarain an t‑sluaigh ann an Ierusalem; agus thilg a’ chuid eile den t‑sluagh croinn, a thoirt aoin as an deichnear a ghabhail còmhnaidh ann an Ierusalem, am baile naomh, agus gum biodh naoi earrannan anns na bailtean eile.
Agus ghabh na sagartan, agus na Lèbhithich, agus na dorsairean, agus an luchd-seinn, agus cuid den t‑sluagh, agus na Netinich, agus Israel uile, còmhnaidh nam bailtean; agus nuair a thàinig an seachdamh mìos, bha clann Israeil nam bailtean.