Agus Obadiah mac Shemaiah, mhic Ghalail, mhic Iedutuin, agus Berechiah mac Asa, mhic Elcanah, a bha a chòmhnaidh ann am frith-bhailtean nan Netophatach.
Agus Mataniah mac Mhicha, mhic Shabdi, mhic Asaiph, an ciad fhear a thòisicheadh air buidheachas a thoirt ann an ùrnaigh; agus Bacbuciah, an dara fear am measg a bhràithrean, agus Abda mac Shamua, mhic Ghalail, mhic Iedutuin.
Agus b’e fear-coimhead-thairis nan Lèbhitheach ann an Ierusalem Udsi mac Bhani, mhic Hasabiah, mhic Mhataniah, mhic Mhicah. De mhic Asaiph, bha an luchd-seinn, fa chomhair obair taigh Dhè: