De na Hebronaich, bha Hasabiah agus a bhràithrean, daoine gaisgeil, mìle agus seachd ceud fear, nan luchd-riaghlaidh air Israel air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, ann an uile ghnothaichean an Tighearna, agus ann an seirbhis an rìgh.
Agus a bhràithrean, daoine gaisgeil, dà mhìle agus seachd ceud, cinn nan teaghlach: agus rinn Daibhidh iad nan luchd-riaghlaidh os cionn nan Reubeneach, agus nan Gadach, agus leth-threubh Mhanaseh, anns gach nì a bhuineadh do Dhia, agus ann an gnothaichean an rìgh.