Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 9:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus Asariah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraiot, mhic Ahituib, fear-riaghlaidh taigh Dhè;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus bha Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech mac Abiatair nan sagartan, agus Seraiah na sgrìobhaiche;

Agus nuair a dh’èigh iad ris an rìgh, thàinig a‑mach dan ionnsaigh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus Iòas mac Asaiph an seanchaidh.

Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah an t‑àrd-shagart, agus do shagartan an dara òrdaigh, agus do luchd-gleidhidh an dorais, na soithichean uile a rinneadh do Bhàal, agus don doire, agus do uile armailt nèimh, a thoirt a‑mach à teampall an Tighearna: agus loisg e iad an taobh a‑muigh de Ierusalem ann am machraichean Chidroin, agus ghiùlain e an luath gu Betel.

Agus ghlac ceannard an fhreiceadain Seraiah an t‑àrd-shagart, agus Sephaniah an dara sagart, agus na trì dorsairean:

Agus roinneadh iad le crannchur, iad seo leo sin; oir bha uachdarain an ionaid naoimh, agus uachdarain nam britheamh, de mhic Eleàsair agus de mhic Itamair.

Agus Adaiah mac Ierohaim, mhic Phasuir, mhic Mhalchiah; agus Maasai mac Adieil, mhic Iahserah, mhic Mhesulaim, mhic Mhesulemit, mhic Imeir;

Agus bha Iehiel, agus Asariah, agus Nahat, agus Asahel, agus Ierimot, agus Iosabad, agus Eliel, agus Ismahiah, agus Mahat, agus Benaiah, nan luchd-amhairc-thairis fo làimh Chononiah, agus Shimei a bhràthair, air àithne Heseciah an rìgh, agus Asariah, uachdaran taigh Dhè.

Seraiah, Asariah, Ieremiah,

Seraiah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraioit, mhic Ahituib, fear-riaghlaidh taigh Dhè.

Nuair a chuala Pasur mac Imeir an sagart (a bha fòs na àrd-uachdaran ann an taigh an Tighearna) Ieremiah a’ fàistneachd nan nithean seo:

Is i seo seirbhis teaghlaichean mic Ghersoin, ann am pàillean a’ choitheanail; agus bidh an cùram fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.

Is i seo seirbhis teaghlaichean mic Mherari, a rèir an seirbhis uile ann am pàillean a’ choitheanail, fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.

Agus dh’imich e, agus labhair e ris na h‑àrd-shagartan agus ri ceannardan an teampaill, cionnas a bhrathadh e esan dhaibh.

A‑nis nuair a chuala an t‑àrd-shagart, agus ceannard an teampaill, agus uachdarain nan sagart, na briathran seo, bha iad fo amharas mun timcheall ciod gus an tigeadh seo.

An sin dh’imich an ceannard maille ris na maoir, agus thug e leis iad gun ainneart: (oir bha eagal orra ron t‑sluagh, gum biodh iad air an clachadh leo).




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan