Bha iad armaichte le boghachan, agus teòma leis an làimh dheis agus chlì air clachan a thilgeadh, agus saighdean a bogha, eadhon de bhràithrean Shauil de Bheniàmin.
Agus dh’àirmheadh Israel uile a rèir an ginealaichean, agus, feuch, bha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil. Ach thugadh Iùdah air falbh do Bhàbilon airson an easaontais.
Agus bha aig Asa armailt de dhaoine a dh’iomchair sgiath agus sleagh, à Iùdah trì cheud mìle, agus à Beniàmin, a dh’iomchair targaid agus a tharraing bogha dà cheud agus ceithir fichead mìle; iad sin uile nan daoine treuna gaisgeil.