Agus dh’àithn Daibhidh da òganaich, agus mharbh iad iad, agus gheàrr iad dhiubh an làmhan agus an casan, agus chroch iad suas iad os cionn an tobair ann an Hebron; agus ghabh iad ceann Isboseit, agus dh’adhlaic iad e ann an àit-adhlacaidh Abneir ann an Hebron.
Agus bha mac aige dom b’ainm Saul, rogha òigfhir, agus e tlachdmhor; agus cha robh am measg chloinn Israeil fear a bu tlachdmhoire na e: o a ghuaillean agus o sin suas b’àirde e na an sluagh uile.