Agus chòmhnaich uachdarain an t‑sluaigh ann an Ierusalem; agus thilg a’ chuid eile den t‑sluagh croinn, a thoirt aoin as an deichnear a ghabhail còmhnaidh ann an Ierusalem, am baile naomh, agus gum biodh naoi earrannan anns na bailtean eile.
A‑thaobh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.
Agus Selah, Eleph, agus Iebusi (is e sin Ierusalem), Gibeat, agus Ciriat: ceithir mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean.
Agus cha do chuir clann Bheniàmin a‑mach na h‑Iebusaich a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem; ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Bheniàmin ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.