Agus làimh ri cloinn Mhanaseh, Bet-sean agus a bhailtean, Taanach agus a bhailtean, Megido agus a bhailtean, Dor agus a bhailtean. Annta sin ghabh clann Iòseiph, mac Israeil, còmhnaidh.
Baanah mac Ahiluid; aigesan bha Taanach, agus Megido, agus Bet-sean uile, a tha làimh ri Sartanah sìos o Iesreel, o Bhet-sean gu Abel-meholah, gu ruig an taobh thall de Iocneam:
Agus is e seo adhbhar na cìse a thog rìgh Solamh a thogail taigh an Tighearna, agus a thaighe fhèin, agus Mhilo, agus balla Ierusaleim, agus Hasoir, agus Mhegido, agus Ghèseir.
Na làithean-san chaidh Phàraoh-necho rìgh na h‑Eiphit suas an aghaidh rìgh Asiria gu abhainn Euphràtes: agus chaidh rìgh Iosiah na aghaidh, agus mharbh esan e aig Megido nuair a chunnaic e e.
Agus nuair a chunnaic Ahasiah rìgh Iùdah seo, theich e rathad taigh an liosa: agus lean Iehu na dhèidh, agus thubhairt e, Buailibh esan mar an ceudna na charbad. Agus bhuail iad e aig uchdaich Ghuir, a tha làimh ri Ibleam: agus theich e gu Megido, agus fhuair e bàs an sin.
Gidheadh cha do thionndaidh Iosiah a aghaidh uaithe, ach dh’fhàs e na bu dèine gu cogadh na aghaidh, agus cha d’èisd e ri briathran Necho o bheul Dhè, agus chaidh e a‑steach a chur catha ann an gleann Mhegido.
Thàinig na rìghrean agus chog iad; an sin chog rìghrean Chanàain ann an Taanach làimh ri uisgeachan Mhegido; cha do ghabh iad buannachd air bith airgid.